Gaelic medium education/Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Gaelic medium education is available at nursery, primary and secondary school stages in Aberdeen City.

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn san sgoil-àraich, bun-sgoil agus àrd-sgoil ann an Obar Dheathain.

Gaelic medium nursery

The Gaelic Nursery at Gilcomstoun Primary School is a well-equipped nursery and the children follow a similar curriculum as other nurseries but through the medium of Gaelic.

These pre-school years in the nursery allow children to develop their Gaelic language in a Gaelic immersion environment that promotes learning through play.

Parents are welcome to visit the nursery at any time by contacting the school.

Sgoil-àraich Ghàidhlig 

Tha an Sgoil-àraich Ghàidhlig aig Bun-sgoil Ghilcomstoun deagh uidheamaichte agus bidh a’ chlann a’ cumail ri car an aon chlàr-oideachaidh ann an sgoiltean-àraich ach gu bheil e tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha na bliadhnaichean seo san sgoil-àraich ron sgoil a’ leigeil leis a’ chloinn an cuid Gàidhlig a leasachadh ann an àrainneachd bogaidh Ghàidhlig a chuireas ionnsachadh air adhart tro chluich.

Tha pàrantan di-beathte tadhal air an sgoil-àraich aig àm sam bith le bhith a’ cur fios dhan sgoil. 

Gaelic medium primary education

Gaelic medium primary education is available at Gilcomstoun Primary School.

Pupils are taught entirely through Gaelic during their first three years in primary school. This total immersion is very important, and it means that your child does not have to be fluent in Gaelic when they start school. The immersion also greatly enhances the language skills of children who are already fluent in Gaelic. After P3, English is gradually introduced through the medium of Gaelic, but Gaelic remains the main language of the classroom in all areas of the curriculum. This ensures that the immersion continues until the end of primary school.

Gaelic medium education aims to address the needs of both fluent Gaelic speakers and pupils who do not have full fluency. The total immersion in the first three years and continued immersion after that mean that each pupil who goes through this education system will gain the necessary and appropriate language skills in both Gaelic and English. Pupils will also receive education in all other areas of Curriculum for Excellence. Research shows that when Gaelic medium education pupils reach P7, on average, their English language skills tend to be better than those of their mono-lingual counterparts due to the cognitive benefits of a bilingual education.

A Breakfast Club and After School Club operate in the school.

Foghlam Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig 

Tha foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn aig Bun-sgoil Ghilcomstoun.

Thathar a’ teagasg na cloinne gu tur tro mheadhan na Gàidhlig sa chiad trì bliadhna sa bhun-sgoil. Tha am bogadh iomlan seo glè chudromach agus tha e a’ ciallachadh nach leig do phàiste leas a bhith fileanta ann an Gàidhlig nuair a thòisicheas iad san sgoil. Bidh am bogadh cuideachd a’ cur gu mòr ris a’ chomas a thaobh cànain aig a’ chloinn a tha fileanta ann an Gàidhlig mar-thà. An dèidh P3, tha Beurla ga toirt a-steach beag air bheag tro mheadhan na Gàidhlig ach is e Gàidhlig cànan an t-seòmair-teagaisg anns gach raon den chlàr-oideachaidh fhathast. Tha seo a’ dèanamh cinnteach gun lean am bogadh air adhart gu deireadh na bun-sgoile.

Tha e mar amas aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aghaidh a chur air feumalachdan fileantaich na Gàidhlig agus na cloinne aig nach eil fileantachd làn le chèile. Tha am bogadh iomlan sa chiad trì bliadhna agus am bogadh leanmhainneach na dhèidh sin a’ ciallachadh gum faigh a h-uile sgoilear a thèid tro shiostam an fhoghlaim na sgilean a thaobh cànain a tha a dhìth is iomchaidh sa Ghàidhlig is sa Bheurla le chèile. Gheibh sgoilearan foghlam cuideachd anns gach raon eile den Chlàr-oideachaidh airson Sàr-mhaitheis. Tha rannsachadh a’ leigeil fhaicinn nuair a ruigeas a’ chlann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig P7, gu bheil, mar chuibheas, na sgilean Beurla aca nas fheàrr na aig an fheadhainn aig nach eil ach aon chànan, ri linn nam buannachdan cognatach a bheir foghlam dà-chànanach.

Tha Club Bracaist agus Club An Dèidh na Sgoile anns an sgoil.

Gaelic medium secondary education

Pupils can continue studying Gaelic at Hazlehead Acadmey where Gaelic is offered as a subject at all stages.

In S1-S3, pupils will continue their Gaelic medium education by taking part in a wide range of learning experiences such as the study of novels, poetry and drama, creative writing, presentations and projects.

The following courses are available to pupils in S4-S6:

  • Gàidhlig N4
  • Gàidhlig N5
  • Gàidhlig Higher
  • Gàidhlig Advanced Higher

Gaelic learner courses are also available subject to staffing.

The focus of the above courses leans towards a more in-depth study and appreciation of wider aspects of culture, language, literature and media, all of which increase in depth and complexity as the pupils progress through the levels. Advanced grammar and language learning is core to these courses.

Foghlam Àrd-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig 

Faodaidh clann cumail orra le Gàidhlig aig Acadamaidh Hazlehead far a bheil Gàidhlig ga tabhann mar chuspair aig a h-uile h-ìre.
Ann an S1-S3, cumaidh clann-sgoile orra len cuid foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig le bhith an sàs ann an raon farsaing de shuidheachaidhean ionnsachaidh leithid a’ leughadh nobhailean, bàrdachd is dràma, sgrìobhadh cruthachail, taisbeanaidhean agus pròiseactan.

Tha na cùrsaichean a leanas rim faotainn do chlann-sgoile ann an S4-S6:

  • Gàidhlig N4
  • Gàidhlig N5
  • Gàidhlig Àrd-ìre
  • Gàidhlig Sàr Àrd-ìre

Tha cùrsaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh ann cuideachd a rèir ìrean luchd-obrach.

Tha claonadh anns na cùrsaichean gu h-àrd a dh’ionnsaigh rannsachadh is tuigse nas doimhne agus tuigse air nithean farsaing ceangailte ri cultar, cànan, litreachas is na meadhanan, a tha a h-uile gin dhiubh a’ dol am meud a thaobh doimhneachd is toinnteachd mar a thèid na sgoilearan air adhart tro na h-ìrean. Tha gràmar is cànan adhartach aig cridhe nan cùrsaichean seo.

Further education and employment

You can study Gaelic at many colleges and universities, either as a standalone subject or as an option. Studying a modern language enhances employability in all job sectors and a qualification in Gaelic or any other modern language is vital proof of communication ability.

Foghlam adhartach agus Fastadh 

Faodaidh tu Gàidhlig a ghabhail aig mòran cholaistean is oilthighean, an dara cuid mar chuspair leis fhèin no mar roghainn. Tha rannsachadh nua-chànanan a’ cur ri cothroman-fastaidh anns gach raon-obrach agus tha uidheamachadh ann an Gàidhlig no nua-chànan sam bith eile na dhearbhadh dha-rìribh air comas-conaltraidh.  

Gaelic in the community

In order to develop full literacy skills in Gaelic, it will benefit children in Gaelic medium education greatly if they have access to Gaelic in the community, such as clubs like Sradagan, Club Gàìdhlig Obar Dheathain and Fèis Obar Dheathain. Please see the Gaelic in the community page for more information.

Gàidhlig anns a’ Choimhearsnachd 

Gus làn-sgilean litearachd ann an Gàidhlig a leasachadh, bidh e na bhuannachd dha-rìribh don chloinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ma bhios cothrom aca air Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd, leithid aig clubaichean mar na Sradagan, Club Gàidhlig Obar Dheathain agus Fèis Obar Dheathain. Faicibh duilleag Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd airson barrachd fiosrachaidh. 

Contact details

Anne Thirkell
Education Support Officer
Aberdeen City Council
Second Floor North
Marischal College
Broad Street
Aberdeen
AB10 1AB
01224 522849
AThirkell@aberdeencity.gov.uk

Did you find what you were looking for?

Status message

Please note, this form is anonymous, we can't reply directly to your feedback. If you would like to report an issue, make a complaint or suggestion, please Contact Us.